An Tìm a bh' ann o chian. (Auld Lang Syne )
An còir seann luchd-eòlais dhol à beachd,
'S gun chuimhn' orra bhith ann?
An còir seann luchd-eòlis dhol à beachd,
'S na làithean a bha ann?
Air sgàth an tìm a bh' ann a rùin,
Air sgàth an tìm a bh' ann,
Gun gabh sinn fhathast cupan tlàth
Air sgàth an tìm a bh' ann.
Bha sinne còmhla feadh nam bruach
A tionail neòinean annt',
Ach 's sgìth air seachran ceum ar cas
Bho'n tìm o chian a bh' ann.
Bu tràth is anmoch sinn san allt
Ag iomair 's sinn nar clann,
Ach dhealaich cuantan farsainn sinn
Bho'n tìm o chian a bh' ann.
Mo charaid earbsach gabh mo làmh,
'S sìn fhèin do làmh a-nall,
'S gun gabh sinn, cuach gu crìdheil làn
Air sgàth an tìm a bh'ann.
Gu cinnteach 's leat do bharail fhèin,
'S mo bharail fhèin tha leam-s',
'S gun gabh sinn cupan caoimhneil làn
Air sgàth an tìm a bh' ann.
M. MACRATH, Ottawa.