An còir an cairdeas dhol air dìth,
'S a leigeil as ar cuimhn?
An còir an càirdeas dhol air dìth
Air sgàth nan iomadh linn!
Chorus:
Air sgàth nan iomadh linn, a ghaoil,
Air sgàth nan linn a dh'fhalbh,
Gun gabh sinn cupan coibhneis blasd'
Air sgàth nan iomadh linn!
Is agad-sa biodh cupan làn,
is agam-sa, mi fhìn,
Is òlar cuach an aoibhneis ait
Air sgàth nan iomadh linn.
Nach tric a ruith sinn air na cnuic,
A' buain nan neòinean grinn,
Ach 's iomadh ceum a rinn sinn streap
Bho àm nan iomadh linn.
Gur tric a ghrunnaich sinn san t-sruth,
Bho mhadainn gu àm-bìdh,
Ach eadrainn bhùirich iomadh muir
Bho àm nan iomadh linn.
Seo dhut mo làmh, mo charaid fìor,
'S do làmh-sa thoir dhomh fhìn,
Is òlaidh sinn gu grùnnd a' chup
Air sgàth nan iomadh linn.
(c)Ruairidh MacDhòmhnaill/Roderick MacDonald